Pilots
Renewing tradition


Teicneòlas fo dheuchainn
AMPLIFY PORTABLE

Tuairisgeul na deuchainne
Nì oidean 6 seiseanan, le mu 10 neach-ciùil òg bho mu 20 Fèis a’ dol an sàs anns gach seisean, anns a’ chiad roinn de dheuchainnean. Bidh an teicneòlas fo dheuchainn ann an teagasg 1-ri-1, ann an clasaichean na bu mhotha, agus ann an obair-bhuidhne le luchd-ciùil a’ cluich beò le chèile.
Is i prìomh obair Fèisean nan Gàidheal a bhith a’ cumail taic ri Fèisean ionadail ann an 47 sgìrean air feadh na dùthcha, far am faigh clann agus daoine òga oideachadh ann an ceòl traidiseanta gu cunbhalach. Tha Fèisean nan Gàidheal cuideachd a’ teagasg ceòl agus Gàidhlig tro sgoiltean, agus mar sin thathas a’ ruighinn còrr is 300 coimhearsnachd Gàidhealach.
Tha tòrr den obair seo ga dèanamh ann an sgìrean dùthchail far a bheil oidean gann agus cosgaisean siubhail- a thaobh airgid is àrainneachd- na chnap-starra. Bidh AMPLIFY a’ lorg fuasgladh do na dùbhlain sin tro theicneòlas a bhios a’ cur feum air tuigse fuadain (AI) agus ag amas air daoine a thoirt cruinn còmhla ann an àrainneachd dhidseatach, ach an tèid airgead a chosg air taic a chumail ri luchd-ealain agus air foghlam nan daoine òga, seach siubhal.
Ar n-amas
- Rannsachadh a dhèanamh air mar a ghabhas cnapan-starra a lùghdachadh ach am faigh daoine òg à sgìrean dùthchail an t-aon chothrom air oideachadh cunbhalach ann an ceòl traidiseanta
- Deuchainnean a dhèanamh air mar a ghabhas dèiligeadh ris a’ bhuaidh a th’ aig iomallachd air tar-chur cultair, mar a ghabhas coimhearsnachdan agus cultar Gàidhealach a neartachadh, agus mar a ghabhas an truailleachd a tha an lùib teagasg ann an sgìrean dùthchail a lùghdachadh
- Luchd-ealain à àitichean eadar-dhealaichte a thoirt cruinn, a dh’ullachadh airson cuirm-chiùil gun chosgais gualain no ionmhasail
- Tachartas a chur air dòigh, le luchd-ealain às a’ Ghàidhealtachd a’ cluich le feadhainn thall thairis, aig an fhèis chiùil Blas. Mar seo, thèid co-obrachadh a bhrosnachadh agus dàimh a thogail eadar luchd-ealain agus luchd-èisteachd air a’ Ghàidhealtachd agus ann an dùthchannan eile aig a bheil dualchas Gàidhealach
- An cuid dhòighean is ghnìomhean atharrachadh a-rèir na thèid ionnsachadh tro AMPLIFY
Dùbhlain
Am fuasgladh teicneòlach
Bidh Amplify Portable furasta a chleachdadh agus saor. Leigidh e le luchd-ciùil (gu h-àraidh luchd-ciùil òga) ionnsachadh, cluiche agus seinn le chèile, agus a dhol an sàs ann an ceòl agus dràma gu proifeiseanta no mar chur-seachad, ges bith càit a bheil iad.
Dh’fhaodadh e oileanaich a tha ag ionnsachadh na pìoba ann an Uibhist a Deas a cheangal ri oide anns a’ Ghearrasdan no Glaschu nuair a tha feum air, air a no luchd-ciùil proifeiseanta air a’ Ghàidhealtachd a cheangal ri feadhainn ann an Ceap Breatainn (far a bheil dualchas làidir, Gàidhealach) no Èirinn.
Bidh AMPLIFY a cheart cho furasta a chleachdadh Zoom no Skype, ach na b’ fheàrr a thaobh fuaim agus feum sònraichte nam Fèisean (le tuigse-fuadain (AI) a’ dearbhadh gu bheil am fuaim agus bhidio air a mheasgachadh aig sàr àrd-ìre). Bidh seo fìor ged a bhiodh daoine cruinn ann an aon seòmar no ann an seòmraichean fa-leth, a’ cur feum air aon chompiutair no fòn air a no iomadach inneal.
Bidh co-obrachadh air a dhèanamh na b’ fhasa tro innleachdan ùra, a leithid comas a bhith a’ clàradh agus ag èisteachd air ais anns a’ bhad, a leigeil le com-pàirtichean a bhith a’ cluinntinn na chluich iad, a’ faighinn stiùireadh, agus a’ dèanamh adhartas. Bidh e cuideachd furasta do dh’oidean leasanan-buidhne a stiùireadh, le ceòl bho iomadach oileanach ga cho-thìmeachadh, agus comas fòcas a chur air aon oileanach ged a bhiodh a’ bhuidheann gu leìr a’ cluich. Tha e na amas dhuinn gum bi e comasach do dhaoine a bhith a’ cluich còmhla, agus mar sin nì sinn ar dìcheall dàil agus stadadh-fuaime a lùghdachadh, ged nach bi seo gu tur an urra rinne, ach ri ceangal ris an eadar-lìon cuideachd. Nithear rannsachadh air modhan eadar-dhealaichte a dh’fhaodte a chur an gnìomh aig amannan nuair a bhios an dàil ro mhòr, a dhearbhadh gum b’ urrainnear fhathast cruinneachadh agus co-obrachadh (le bhith a’ clàradh earrann, ga roinn le càirdean agus a’ cluich ris, le chèile).
Fèis: far am bi ginealaichean a’ tighinn còmhla a dhèanamh gàirdeachas air an cuid chultair Gàidhealaich, tro cheòl, òrain, agus cleasachd- a’ beathachadh cruthalachd, a’ glèidheadh dualchas, agus a’ brosnachadh dhaoine òga a dhol an sàs anns na h-ealain agus nan cultar.